If you are using Internet Explorer 6, you may not have the best Bebo experience. Please consider upgrading.

Na Gathan

An Eaglais Bhreac, Diluain, 7:30f, Behind the Wall, ròcadh a' Mhòid!!!

10/11/08 | me too! | Reply

Become a Fan

9 luv

  • Profile views: 915
  • Profile created: January 2008
  • www.bebo.com/na-gathan
Genre:
Label:
Clàran nan Reul Indie Label
Hometown:
Slèite, An t-Eilean Sgitheanach UK
Influences:
Oi Polloi, Sunrise Not Secular, Nad Aislingean, Atomgevitter, The Picturebooks Runrig, La Luain, Dannsa, Derek MacLennan, Gra Granna, Mill a h-Uile Rud, Breag, Na Daolagan, Take That, An Tarbh Dearg, Lambert & Butler, Irn-Bru, Strongbow, Guinness, Iain Lom, Rex Tybee, Les Ramoneurs de Menhirs, Rapunzel Wizard
Post a Comment:

About Me

Tagline
Lasanta!
Me, Myself, and I
Thòisich sinn an 2007 leis an radioactive nuclear fallout (Tim agus Tòmaidh) a bha air fhàgail bho Là Luain. Choisinn Greg ballrachd nuair a sheall e dha na balaich eile cho math ‘s a bha na sgilean palm-muting aige a h-uile trup a chluicheadh e ‘Briseadh an Lagh’ le Judas Priest! Dh’aontaich iad gur e fìor chòmhlan na balaich a bhiodh ann, gun sgeul air nighean sa chòmhlan seo - agus a’ chiad rud a rinn iad? Fhuair iad nighean air na drumaichean! Ach abair drumair! Nuair a chuala Greg is Tim Kathryn cluich son a’ chiad trup cha b’ urrainn dhaibh fiù ‘s bruidhinn fad trì làithean oir bha iad a’ caoineadh le toileachas is fios aca gu robh còmhlan sgoinneil slàn ann a-nis! ‘S ann mun uair sin a choimhead Greg a-mach an uinneig aon latha san leabharlann, nuair a nochd ceithir gathan-grèine bho air cùl nan sgòthan, agus chaidh e ann suain mì-nàdarra psychedelic, ag ràdh a-rithist is a-rithist leis fhèin, “IS SINNE NA GATHAN IS SINNE NA GATHAN” Agus ‘s e Na Gathan a bh’ orra bhon uair sin

close Video Box

help

Ga Bruidhinn Làn Ùine - Na Gathan air Rapal Tbh

close Blog

  • Leabhar-latha an Turais - Glaschu/Steòrnabhagh

    Didòmhnaich 18 An Cèitean 2008
    Shockers, Sràid Midland, Glaschu - còmhla ri Red Eyes, the Eddies agus Auslander
    Òrain: Ga Bruidhinn Làn Ùine, Mo Nighean Dubh Bhòidheach, Gus an Tig an Latha, Ruigidh Sinn Màrs, Cò an Sradag a-Nochd?, Ròcamaid.

    Dh’fhàg sinn madainn Didòmhnaich is chaidh sinn don cholaiste an toiseach airson an stuth ann an oifis Thimidh fhaighinn ach gu mì-fhortanach tha Timidh air fàs cho sean sna làithean sa gun do dhiochuimhnich e iuchair na h-oifis. Doh! Co-dhiù, bhris sinn sìos an doras le ceithir karate kick gathanmhor, thog sinn an t-sionth is an uair sin dh’fhàg sinn an t-eilean gu ceart. An dèidh èisteachd ris na pumpin’ toons (agus beagan Runrig!) air an rathad ràinig sinn a’ Eurohostel tràth san fheasgar is abair gur e ostail fìor ròcmhor a bh’ ann. Ghabh sinn cuairt timcheall a’ bhaile mhòir, coltach ri ceithir hillbillies anns a’ bhaile airson a’ chiad trup, agus an uair sin bha sinn deiseil a RÒCADH.... ACH gu mì-fhortanach cha robh ‘Rockers’. Bha fear an dorais na fhìor gehoink is cha do leig iad leinn fiù ‘s an stuth againn a thoirt a-staigh gus an robh e fhèin sàsaichte. Nuair a fhuair sinn a-staigh aig a’ cheann thall, bha an luchd-obrach a cheart cho càirdeil ‘s a bha an gloic aig an doras. Ach tha sinne cho cruaidh is tuff gun do rinn sinn soundcheck a’ càineadh a h-uile mac màthar dhiubh anns an àite.....ach bha e ann an Gàidhlig is cha robh iad gar tuigsinn so ma dh’fhaoidte nach eil sinn cho tuff sin! Thòisich ar luchd-leantainn a’ sruthadh is a’ dòrtadh a-staigh, a’ bualadh an dorais, a’ sabaid leis a’ bhouncer is a’ sgreuchail “NA GATHAN!! NA GATHAN!! WE WANT NA GATHAN” - well ‘s e sin a rinn Babs co-dhiù! Cha do nochd an t-uabhas feumaidh sinn aideachadh ach an fheadhainn a nochd thàinig iad gar faicinn-ne gun teagamh oir cha do tharraing na còmhlanan eile mòran a-staigh idir. Cha b’ e an gig a b’ fheàrr a chluich Gregidh ach chòrd e math gu leòr le càch. An dèidh cluiche, choimhead sinn na còmhlanan eile agus bha iad glè mhath, ach bha sinne dìreach ag iarraidh faighinn a-mach à ‘Rockers’ agus air falbh o shamh uabhasach na dileig a bha na bhroinn. Chaidh sinn don phub an ath dhoras far an robh iomadh superfan na Gathan a’ feitheamh oirnn, mar Babs, Pinny, Caxy, Alasdair Beag Bìodach, Scottaidh nas Bige nas Bìodaiche agus bha iad gar fìor mholadh ged a bha fios againn fhèin nach e gig uabhasach math a bh’ ann. Aig deireadh na h-oidhche, an dèidh beagan emotional blackmail agus temper tantrums rocmhor bho Ghregidh, (‘s e an cò-là-breith aig Greg còir a bh’ ann is cha robh gin dhe na so-called “pals” spìocach mosach aige son a dhol a-mach còmhla ris, smaoinich!) chaidh Greg is Kathryn is Tomaidh dhan Gharaids (Glasgow's finest, ahem, nitespot) agus shìorraidh nach e a tha fiù ‘s air fàs nas miosa (ma tha sin comasach) na bha e o chionn deich bliadhna - and that’s really saying something. Rinn sinn beagan dannsa (Tòmaidh tilgeil a-mach na shapes grùbhaidh a-rithist) is dh’òl sinn beagan watered-down vodka is cha b’ ann gus an uair sin a bha Gregidh sàsaichte gu robh birthday math air a bhith aige. Rinn sinn air an Eilean Sgitheanach an ath latha agus fios againn nach tèid sinn air ais a Rockers na galla gu sìorraidh bràth.

    Diardaoin 29 An Cèitean 2008
    Rapal TV, ann an Studio Alba, Steòrnabhagh, Eilean brèagha Leòdhais - còmhla ri Calamateur agus Manor Park Elite
    Òrain: Gus an Tig an Latha, Ruigidh Sinn Màrs, Ga Bruidhinn Làn Ùine, Ròcamaid

    Nise, cha robh turas Rockers cho math ‘s a dh’fhaodadh e bhith, ach bha an turas seo gu tur eadar-dhealaichte. Dh’fhàg sinn Slèite ann am meadhan na h-oidhche (well, seachd uairean sa mhadainn really, ach caran ro thràth airson Greg), agus rinn sinn air a’ bhàta ann an Ùige, airson an latha as exciting ann an eachdraidh nan Gathan gu ruige seo, a dhol a-null a Steòrnabhag

    0 Comments 267 weeks

  • Leabhar-latha an Turais

    Diardaoin, 31 Am Faoilleach 2008
    Spirit Bar, Glaschu, còmhla ri Oi Polloi, Les Ramoneurs de Menhirs, agus Ceasefire
    Òrain: Ga Bruidhinn Làn Ùine, Mo Nighean Dubh Bhòidheach, Fali Rò Fali Rè, Ruigidh Sinn Màrs, Cò an Sradag A-Nochd?, Cho Seachd Searbh dhe Na SAA!

    Mar a bha na naidheachdan a’ gealltainn thòisich an turas againn le rathaidean fuar sleamhainn a’ gheamhraidh, agus abair thusa gu robh e doirbh, air cùl a’ chuibhle air rathad Chluainidh a’ feuchainn ri smachd a chumail air a’ chàr san t-sneachd fhad ‘s a bha Ruaraidh Atomgevitter ann an cùl a’ chàr a’ bruidhinn gun sgur mu dheidhinn na h-obscure idols aige bho na 1980s mar Mhìcheal Barrymore, Seumas Saville, Gary Gleansach, agus a’spòg-slaodaidh (wanking claw?) aig Jeremy Beadle, nach maireann! Ach co-dhiù no co-dheth ràinig sinn Glaschu, baile mòr nan Gàidheal, agus an dèidh pinnt no trì bha neart is spionnadh gu leòr againn airson ròcadh a-mach aig a’ chiad chuirm-chiùil againn. Thòisich an set gu math le seann chrowd pleaser, ‘Ga Bruidhinn Làn Ùine’, agus lean sinn oirnn le ‘Mo Nighean Dubh Bhòidheach’ agus Kathryn a’ bualadh nan drumaichean aig astar cho luath ‘s gu robh beagan ceò ri fhaicinn tighinn à corragan Ghreg is e feuchainn ri cumail suas rithe. Thug Tim rabhadh do na puncairean mun ath òran againn, ‘Fali Rò Fali Rè’, oir ‘s e fìor classic power ballad a th’ ann, rudeigin nach còrd ris a’ mhòr chuid dhe phuncairean an latha an-diugh ach chòrd e ris na bha an làthair gu mòr. Chum sinn oirnn le trì òrain ùr againn, ‘Ruigidh Sinn Màrs’, a tha stèidhichte air beatha an t-sàr Ghàidheil sin E.T, ‘Cò an Sradag A-Nochd?’, agus chuir sinn crìoch air an t-set leis an dreach sgoinneil againn dhe ‘I’m So Bored With The USA’ leis a’ Chlash, ‘Cho Seachd Searbh dhe na SAA.!’ - deagh chrìoch air fìor dheagh debut. Agus tha sinn fhathast gu mòr an comain nan Superfans againn a bha an làthair an oidhche sin, a leithid Neacag, Calum a’ Chactus, Donnie P, Babs, JT the Love Machine, Eilidh Bheag, Big Jon, etc. Fhuair Nicola a’ bhròg bhon dreuchd aige mar merchandise girl ge-tà oir bha a’ merchandise fhathast san Eilean Sgitheanach! Chuir Les Ramoneurs de Menhir agus Oi Polloi crìoch air oidhche mhath dha-rìreabh le sets a bha, ann am faclan Deek fhèin, dìreach fuckin sgoinneil.

    Dihaoine, 1 An Gearran 2008
    East Neuk Bar, Obar Dheathain, còmhla ri Oi Polloi, Les Ramoneurs de Menhirs agus Billy Liar
    Òrain: Ga Bruidhinn Làn Ùine, Mo Nighean Dubh Bhòidheach, Ruigidh Sinn Màrs, Cò an Sradag A-Nochd?, Ròcamaid, Cho Seachd Searbh dhe Na SAA!

    Dh’fhàg Tim is Tomaidh tràth is iad a’ coinneachadh ri Oi Polloi agus Les Ramoneurs de Menhirs san fheasgair ann an Glaschu agus iad uile a’ siubhail am broinn bhan a’ bhèiceir eadar Glaschu is Obar Dheathain. A rèir coltais bha 18 duine sa bhan agus cha do chuir ach dithis a-mach, cha robh sin cho dona. Dh’aontaich Greg is Kathryn nach do bhuannaich iad na punc ròc stripes aca fhathast agus nach robh iad airidh air cothrom siubhail ann a’ bhan a’ bhèiceir fhathast (aon latha ma dh’fhaoidte), mar sin, thàinig iad dhan cho-dhùnadh doirbh gum b’ fheàrr leotha draibheadh suas ann an càr, a’ suidhe air sèithrichean blàth is cofhurtail, ag èisteachd ris a’ rèidio, etc, - it’s a tough life. Nuair a ràinig sinn uile an East Neuk, mhothaich sinn gur e tough gig a bha romhainn an dèidh set dìreach sgoinneil bho Billy Liar, agus an t-àite dìreach làn phuncairean ceart. Thòisich sinn fhèin a-rithist le ‘Ga Bruidhinn Làn Ùine’ agus ‘Mo Nighean Dubh Bhòidheach’. ‘S ann aig an àm seo a choisich amadan air choireigin à Eilean Leòdhais air an àrd-ùrlar agus e a’ feuchainn ri breith air na làmhan againn fhad ‘s a bha sinn fhathast ann am meadhan a’ set againn! - thuirt cuideigin gur e seann charaid do Ghreg a bh’ ann ach tha Greg fhathast a' do

    7 Comments 283 weeks

  • Faclan nan Òran

    Mo Nighean Dubh Bhòidheach

    Latha bhon dè, bha mise sona,
    A' cadal ri do thaobh.
    Latha bhon dè, bha thusa gealltainn,
    Gun tigeadh tu an-diugh.

    A' tighinn air an ordaig,
    Bruis fhiaclan na do phòca,
    Gum fuirich tu an seo,
    Gu bràth, gu bràth...

    He ri re, mo nighean dubh bhòidheach!

    Sin thu fhèin a' teannadh dhachaigh,
    Cas-ruisgt' air an tràigh.
    Sin thu fhèin, do shùilean mòra,
    Cuaintean mìle bàidh.

    A' tighinn air an ordaig,
    Bruis fhiaclan na do phòca,
    Gum fuirich tu an seo,
    Gu bràth, gu bràth...

    He ri re, mo nighean dubh bhòidheach!

    Thachair mi ri nighean a' togail smeuran taobh an rathaid.
    Is milis leam do phògan. Gun tilleadh tu an-dràsd'!


    Fali Ro Fali Re

    Nam sheasamh aig a' chidhe,
    Fhad 's a bha an saoghal a' dol glas.
    Deich latha 's ceithir mìosan,
    Cha do thill na dathan fhathast.

    Ciaradh an fheasgair,
    Tha an solas dheth anns an uinneig.
    Suas an starain, 's cha robh thu ann,
    'S theab mi rànail.

    Fali ro fali re

    A' tuiteam às a chèile,
    Tro thrannsaichean falamh
    ann am Port Adhair Heathrow,

    Thàinig tu nad aingeal,
    Fo chraobhan eucalyptus
    ann am Port Adhair Santa Rosa.


    Ruigidh Sinn Màrs

    Thuirt mi riut gu bheil mi cràicte
    Mu do dheidhinn is mu do chainnt
    Nach sgiob sinn sgoil an-diugh an-dràsta
    Cha tèid sinn ann gu sìorraidh bràth

    Thoir dhomh do làmh
    Nì sinn air na speuran
    Gàidhlig ar cainnt
    Ruigidh sinn Màrs

    Thàinig crìoch air ar samhradh
    Nochd am bàta anns a' bhàigh
    Dh'fhalbh mi gu saoghal eile
    Is tu nad aonar air an tràigh

    Thoir dhomh do làmh
    Thoir dhomh do làmh
    Thoir dhomh do làmh
    Is ruigidh sinn Màrs


    Cò an Sradag A-nochd?

    Thig air ais dhachaidh, nighean, tha mi gad iarraidh,
    An dòigh a nì thu dannsa, chan fhaigh na mo chadal,
    A-nochd...

    An darna cuid dona, an cuid eile brèagha,
    Mì-mhodh na do shùilean gam fhàgail às mo rian,
    Mar tha...

    Cò an sradag a-nochd!
    Is tu a tha!

    Is tu an aon nighean ann an club làn dannsa,
    Is tu an aon nighean a shàbhladh m' oidhche,
    Le gràdh... do ghràdh!

    Chuir thu seun orm le do phòg mhìn mhilis,
    Chan fhaca mi an nighean cho àlainn na mo bheatha,
    Ri seo...

    Cò an sradag a-nochd!
    Is tu a tha!

    Ba, ba, da, ba.

    Dannsa mar an lasair ann an dreasa bheag dhearg,
    An dèan sinn ceum eile air an rathad air ais dhachaidh,
    An-dràsta...

    Thig air ais dhachaidh, nighean, tha mi gad iarraidh,
    An dòigh a nì thu dannsa, chan fhaigh na mo chadal,
    A-nochd...

    Cò an sradag a-nochd!
    Is tu a tha!


    Ga Bruidhinn Làn Ùine

    Nach eil thu mìorbhaileach, a' cagar ri mo thaobh,
    Sochair 's tarraingeach mar oiteag anns a' chraobh,
    A cuireadh sgàth air luchd na Beurla,*
    Cànan nam bàrd ri chluinntinn anns an t-sràid.

    Ga bruidhinn làn-ùine!

    Stad mi aig a' phraban air an rathad gu do thaigh,
    an dùil ri mo charaidean 's riutsa blàth a-staigh.
    Abair ùpraid a’s a' bhar!
    Cànan nam bàrd gu gormadh an latha.

    Ga bruidhinn làn-ùine!

    Laigh rium dlùth.
    Innis dhomh do rùn.
    Is tu mo charaid 's mo ghaol.

    Ga bruidhinn làn-ùine!

    Bidh mo charaidean air fad,
    Bruidhinn bragail 's gun stad.
    Tha sinn coma cuin 's càit.
    Bàs na Gàidhlig thall' ‘s fuc!
    Chan eil deireadh air an rathad,
    's an saoghal mòr fosgailt' ri ar beul!

    * Loidhne air a ghoid air Iain Lom.


    Ròcamaid

    Ceòl cho trom gun spothadh e càmhal,
    Caraidean tighinn 's caraidean fàgail,
    Tha an taigh cho trang ri triùir sa leabaidh.
    Oi Polloi aig cùl a' ghàrraidh,
    Cuid ri danns' 's cuid ri suirghe,
    Is math an rud nach tig am poileas.

    Nach eil mi gleansach? Nach eil thu pògmhor?
    Bidh sinn nar rionnagan a-nochd!

    Ròcamaid, he, he, nach danns sinn fad na h-oidhche?
    Ròcamaid, he, he, nach ròc sinn fad an latha?

    Fo ghealach mhòr air dath na fala,
    Oidhche shamhraidh air a' mhachaire,
    Gheibh sinn ar miann-ne gun nàire.
    Blas na mara air do phògan,
    Sàl 's gainmheach air do spògan

    0 Comments 286 weeks

close Songs

  • Ruigidh Sinn Mars - Rapal Beo! Download

close Comments

Post comment as:

Share the Luv (5 Luv left)

Attach a photo from your albums

  • Steven Gibb
    Steven Gibb

    Fans of Na Gathan, I've just uploaded some pictures from the Mod if anyone's interested.

    10/17/08
  • Steven Gibb
    Steven Gibb

    Tapadh leat!

    10/15/08
  • Steven Gibb
    luv Steven Gibb

    Absolutely brilliant in An Eaglais Bhreac yesterday!

    10/14/08
  • Crìstean MacMhìcheil

    Tha mi a' fuireach ann an Cill Droichid (13 mìle taobh a-miugh Baile Ath Cliath) agus tha mi a' dol gu Ollscoil na hÉireann ann am Má Nuad. Aidh chuala mi bho Marina gu bheil SMO gu math trang agus nach eil seòmraichean air fhàgail. Tha mi an dòchas gum bidh àiteachan air an son san dàrna semester. Thug mi sùil air Sky a-raoir agus chan eil BBC Alba againn ann an Eirinn. Lorg mi BBC 1 NI agus BBC 2 NI ach sin e. Am bi sibh air BBC iPlayer?

    9/21/08
  • Crìstean MacMhìcheil

    Dùrachdan bho Èirinn. Dè tha dol air ais aig a t-Sabhal?

    9/20/08
  • luv Liz Pyper

    Meal do naidheachd! abair deagh naidheachd gun do bhunnaich sibh an co-fharpais aig Rapal, sin sibh fhèin!! Gabh spòrs a’ clàradh na h-òrain! An ath rud – bidh sibh air duaisean Brits! Gur math thèid leibh! xxx

    8/15/08
  • Paul Duke
    Paul Duke

    Just seen some of the stuff when you guys came to craggy island and might i just say FANTASTIC!!!!

    7/24/08
  • pepsi
    pepsi

    Ga Bruidhinn Lan Uine!!!! gle math

    6/2/08
  • luv Calum Macaulay

    Sin sibh, bha e math ur faicinn a-raoir agus chòrd an gig rium GU MÒR!

    5/19/08
  • Joy Dunlop
    Joy Dunlop

    Ged a chòrdadh e rium a bhith ann tha eagal orm gum bi mi ann am Muile an latha ud! :( Gura math a thèid leibh ged-thà, rocaibh air!!! x

    5/6/08
  • Joy Dunlop
    luv Joy Dunlop

    Wow abair leum!!! :) Bha mi a' dol a radh leumadair ach bha eagal orm gun smaoineachadh sibh gur h-ann air beathach mara a bha mi... x

    5/5/08
  • Marie MacKay

    Yippee!! Steornabhagh mu dheireadh thall!!!

    4/25/08
  • Eilidh Macdonald
    Eilidh Macdonald

    'S ann air an 29mh a tha sibh a'dèanamh Rapal! :L

    4/25/08
  • Angie G

    de tha an band seo mu dheidhn??

    3/29/08
  • Calum Macaulay

    Sin sibh, bha mi direach gur coimhead air BBC iPlayer agus bidh sibh air gu diardaoine 'sa tighinn. Cothrom don fheadhainn nach robh an lathair blasad bheag fhaighinn dhe ur ceol... "Ga bruidhinn, lan uine!!!" Yeehaa na briosgaidean!!!!!!!

    3/7/08
  • Daibhidh Hoyle
    Daibhidh Hoyle

    sgzoinneil a thom! uill, tha sibh meadhanach math... aig a' char as lugha, chan e craobh-pasgadairean a th'annaibh, ma tha sin a' deanamh ciall... ainn-riaghailteas ahoy!

    2/18/08
  • Michelle MacDonald
    Michelle MacDonald

    Wowee, cumaidh mi mo shuilean 's cluasan fosgailte 'son sin, no way gun cail mi mach air sin!! ;) :L

    2/12/08

close Whiteboard

close The Wall